Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
An Geamhradh
- Do theirig an samhradh,
- 'S tha 'n geamhradh teachd dlùth oirnn,
- Fìor nà mhaid na chinneas,
- Teachd a mhilleadh ar dùthcha,
- Ga saltairt fo chasaibh
- 'S da maise ga rùsgadh
- Gun iochd ann ri dadam
- Ach a' sladadh 's a' plunndrainn.
- Sgaoil oirnne a sgiathan,
- 'S chuir e ghrian air a chùlaibh,
- Às an nead thug e 'n t-à lach,
- Neo-bhà idheil gar sgiùrsadh;
- Sneachd iteagach glè-gheal
- O na speuraibh teachd dlùth oirnn,
- Clacha-meallain 's gaoth thuathach,
- Mar luaidhe 's mar fhùdar.
- Nuair shèideas e anail,
- Chan fhà g anam am flùran;
- Tha bhilean mar shiosar,
- Lomadh lios de gach ùr-ròs:
- Cha bhi sgeadach' air coille
- No doire nach rùisg e,
- No sruthan nach tachd e
- Fo leacannan dùbh-ghorm.
- Fead reòthta a chleibhe
- Tha seideadh na doininn,
- A chuir beirm anns an fhairge
- 'S a dh'at garbh i na tonnan:
- 'S a bhinntich an clà mhainn
- Air à ìrde gach monaidh,
- 'S ghlan sgùr e na reultan
- Dar pèile len solas.
- Tha gach beathach is duine
- Nach d' ullaich na sheusan
- Gan sgiùrsadh le gailleann,
- Gun talla, gun eudach;
- 'S an dream a bha gnìomhach
- Fas iargalt', mi-dhèirceil,
- Nach toir iasad do leisgean
- Anns an t-sneachda ged èug e.
- Tha 'n seillean 's an seangan,
- A bha tional an stòrais
- Le gliocas gun mhearachd,
- A' toirt aire don dòrainn,
- 'G ithe bìdh 's ag òl meala,
- Gun ghainne air lòn ac',
- Fo dhìon anns an talamh
- O anail an reòthta.
- Tha na cuileagan ciatach
- Bha dìomhain san t-samhradh,
- Sna gathannaibh grèine
- Gu h-èibhinn a' dannsa,
- Gun deasach', gun chùram
- Ro Dhùbhlachd a' gheamhraidh,
- A nis a' dol bà s
- Anns gach à ite le teanntachd.
- Ach èist rium, a sheann duin',
- 'S tuig an samhla tha 'm stòiridh:
- Tha 'm bàs a' teachd teann ort –
- Siud an geamhradh tha 'm òran;
- 'S ma gheibh e thu ad leisgean,
- Gun deasach' fa chòmhdhail,
- Cha dèan aithreachas crìche
- Do dhìonadh on dòrainn.
- Ach, òganaich threubhaich,
- Thoirr-s' èisteachd dom òran
- 'S leig dhìot bhith mì-chèillidh
- Ann an Cèitean na h-òige;
- Tha aois agus euslaint
- Air do dhèidh ann an tòir ort,
- 'S ma nì h-aon aca grèim ort,
- Pillidh t' èibhneas gu bròn duit.
- An aois atà 'n tòir ort,
- Bheir i leòn ort nach saoil thu:
- Air do shùilibh bheir ceathach
- Is treabhaidh i d' aodann;
- Bheir i crith-reoth' mud ghruaig
- Is neul uaine an aoig leis,
- 'S cha tig aiteamh no grian ort
- Bheir an liath-reoth' a-chaoidh dhìot.
- Bheir nas measa na siud ort,
- FÃ ilinn tuigs' agus reusain,
- Dìth leirsinn ad inntinn,
- Dìth cuimhn' agus gèire;
- Dìth gliocais chum gnothaich,
- Dìth mothaich ad cheudfath,
- 'S gum fàs thu mar leanabh,
- Dhìth spionnaidh is cèille.
- FÃ saidh 'n cridhe neo-aithreach,
- 'S neo-ealamh chum tionndadh:
- Aon tagradh cha drùidh air,
- 'S cha lùb e da ionnsaigh;
- Ceart mar tha 'n talamh
- 'N Ã m gaillinn is teanntachd,
- Ged robh mìltean dol thairis,
- Cha dèan aile sa chabhsair.
- Faic seusan na bliadhna
- 'S dèan ciall uaithe tharraing,
- 'S mas à ill leat gum buain thu,
- Dèan ruathar san earrach;
- Dèan connadh san t-samhradh
- Nì sa gheamhradh do gharadh;
- 'S ma dhìobras tu 'n seusan,
- Dhuit 's èiginn bhith falamh.
- 'S mur cuir thu sìol fallain
- Ann an earrach na h-òige,
- Cho cinnteach 's am bàs duit,
- Cuiridh Sà tan droch phòr ann,
- A dh'fhà sas na dhubhailc
- 'S na luibheannan feòlmhor,
- 'S bidh do bhuain mar a chuir thu,
- Mas subhailc no dò-bheart.
- Ma bhios t' òige gun riaghladh,
- 'S t' ana miannan gun taod riu,
- Gum fàs iad cho fiadhaich
- 'S nach srian thu ri t' aois iad;
- Am meangan nach snìomh thu,
- Cha spion thu na chraoibh e –
- Mar shìneas e gheugan,
- Bidh fhreumhan a' sgaoileadh.
- Tha do bheatha neo-chinnteach
- On teinn a bheir bàs ort:
- Uime sin, bi ri dìcheall
- Do shìth dhèanamh trà thail;
- 'S e milleadh gach cùise
- Bhith gun chùram cur dà il innt' –
- 'S ionann aithreachas criche
- 'S bhith cur sìl mu Fhèill Mà rtainn.
- Tha ghrian anns na speuraibh
- A' ruith rèise gach latha,
- 'S i giorrach' do shaoghail
- Gach oidhche a laigheas:
- 'S dlùth ruitheas an spà la
- Tro shnà thaibh do bheatha
- Tha fìgheadh dhut lèine
- Nì bèistean a chaitheamh.
- 'S ma ghoideas e dlùth ort,
- Gun do dhùil bhith ra thighinn,
- 'N sin fosglaidh do shùilean
- 'S chì thu chùis thar a mithich;
- Bidh do chogais gad phianadh,
- Mar sgian ann ad chridhe –
- 'S co-ionann a giùlan
- 'S laighe rùisgt' ann an sgitheach.
An Geamhradh
A-rithist tha am bà rd a' soilleireachadh na teagaisg aige agus na tha an geamhradh a' riochdachadh sa bhà rdachd. Chan eil na pìosan 'teagaisg' seo nam pà irt mhòr dhen dà n, ge-tà .
