Bha Dòmhnall Ruadh Chorùna na shaighdear anns na trainnsichean anns a' Chiad Chogadh. Sgrìobh e grunnan òrain aig an à m sin anns a bheil e ag innse co ris a bha sin coltach - an dà chuid an t-sabaid fhèin agus, an rud a b' eagalaiche air fad a rèir nan saighdearan, a bhith a' feitheamh airson an t-sabaid tòiseachadh.
Chan eil Dòmhnall Ruadh a' cur sìos air a' chogadh seo no air cogadh san fharsaingeachd mar a bha cuid de bhà ird Bheurla an ama seo. Cha mhò a tha e a' cur fhaireachdainn an cèill gu follaiseach mar as trice. 'S ann a bhios e dìreach ag innse dè a tha a' tachairt agus dè an seòrsa suidheachaidh anns a bheil e agus tha na faireachdainnean a' tighinn am follais tron dealbh. 'S e sin neart na bà rdachd aige.
An dèidh tilleadh dhachaigh aig deireadh a' Chogaidh, lean Dòmhnall air ri bà rdachd. Bha a' bhà rdachd seo a' toirt cunntas air rudan a bha a' tachairt san sgìre, cunntas èibhinn glè thric. Bhiodh e cuideachd a' moladh bòidhchead na dùthcha mun cuairt agus daoine ainmeil, no a' toirt dealbh air pà irtean den t-seann dòigh-beatha mar an t-sealg. Uaireannan, bhiodh e a-mach air rudan anns an t-saoghal mhòr, mar an 'H-bomb'.
Anns na bliadhnaichean mu dheireadh dhe bheatha, thill Dòmhnall Ruadh gu bhith a' cur a shuidheachadh pearsanta fhèin far comhair na bhà rdachd. A-nise, 's e an aois, agus an dìth comais agus chothroman a tha tighinn leatha, a tha a' gluasad a bhà rdachd, mar a bha cunnartan a' Chogaidh roimhe sin. Anns na dà in sin tha sinn a' faighinn dealbh shìmplidh, shoilleir bhuaithe air co ris a tha e coltach do dhuine mar esan a bha sunndach, dèanadach a-riamh a bhith a-nise lag agus lapach.
Tha na dà in uile ann an rannaigheachd thraidiseanta. 'S e òrain a tha annta a dh'fhaodas a bhith air an seinn, agus tha sèist le cuid aca. Tha ruitheam agus ceòl an dà chuid na phà irt de thlachd na bà rdachd agus a' cur ris na tha aig a' bhà rd ri rà dh mar as trice.
Tha Dòmhnall Ruadh sa chumantas a' cleachdadh beairteas cà nain agus ghnà th-fhaclan airson loinn a chur air a' bhà rdachd. Ach anns na dà in mun chogadh agus mun aois tha e a' cur a smuaintean an cèill ann an dòigh lom shìmplidh, gun mòran sam bith de sgeadachadh.
Air turas chun an Somme
SM: Cho luath 's a thòisich an cogadh liostaig e agus b' ann dha na Camshronaich a chaidh e.
AM: 'S bha moit mhòr aige anns an rèisimeid sin gus an do bhà saich e. Bha e ri sealg mu do dh' fhalbh e a-riamh.
SM: Bha, agus bha e anns na h-òrain aige nuair a bha e anns a' chogadh. Bha e a' dèanamh ceangal eadar an t-sealg agus an t-saighdearachd, agus a' cumail cuimhne air là ithean òige: Cha b' e gunna mo nà mhaid a b' à bhaist mo dhùsgadh ach a' cheileireachd bhòidheach aig na h-èoin an Corùna. Bha an t-saighdearachd, bha e san fhuil aige. Thug e seo bho dhualchas bho shinnsearachd.
AM: Thug, bha e a' gabhail umhail anns an t-saighdearachd tha mi smaoineachadh.
SM: Saoil dè na faireachdainnean a bhiodh aca nuair a bha iad a' fà gail na dachaigh an toiseach.
AM: Uill, 's tric a bhios mise a' smaoineachadh air an sin a Sheonaidh Ailig, ciamar a bha iad a' faireachdainn nuair a bha iad a' fà gail. Feumaidh tu cuimhneachadh nach robh iad air an taigh fhà gail riamh, a' chuid bu mhotha de na gillean sin. Bidh mi ga faicinn fhathast, a' fà gail na dachaighean agus a' smèideadh rin athraichean 's an leithid sin. Agus bha an riaghaltas air innse dhaibh gu robh iad gu bhith air ais airson na bliadhna ùir. Dè a' bhliadhna ùr? Seall fhèin na sluic a tha sin, far an do mharbhadh na ceudan aca. Agus ged nach robh iad cho glan sin, bhiodh iad fodha ann am poll 's ann an eabar agus sin agad an rud a bha romhpa nuair a theirigeadh iad a-null, gun sian a dh' fhios aca. Dh' fhalbh iad ann an aineolas 's gabh an riaghaltas cothrom air an sin, tha iad ag rà dh chun an latha an-diugh gu bheil an leithid sin a' tachairt.
SM: Agus dh' fhalbh iad cuideachd 's iad là n misnich. Bha iad air brosnachadh fhaighinn agus an uair sin bha iad gam faighinn fhèin ann an à iteachan uabhasach mar seo, anns na trainnsaichean. 'S chan eil rian nach do chaill iad am misneachd ri linn sin, saoil an do chaill?
AM: Chan eil fhios 'am. Cha b' urrainn leithid sin do dh' à ite a bhith cho mi-choltach ris an à ite shìtheil a dh' fhà g iad. Thà inig iad dhan uabhas a bha seo agus bha iad air an droch chòmhdach. B' e an deise Ghà idhealach a bh' orra ann an seo, rud a bu mhiosa a b' urrainn a bhith orra. Dh'fhuiling iad rud nach tuig sinne gu brà th.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÄ¢¹½¶ÌÊÓÆµ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.