Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ

20mh linn / Dòmhnall MacAmhlaigh

µþà°ù»å²¹³¦³ó»å - Ceumannan

Tha an dàn seo ag innse mar a thachair am bàrd ri boireannach ris an robh ceangal aige uaireigin. Tha iad a' coiseachd seachad air a chèile air an t-sràid, a rèir choltais gun bhruidhinn ri chèile, agus às dèidh làimhe tha e a' beachdachadh air seo. Tha a' bhàrdachd a' cleachdadh ìomhaighean ach uaireannan tha smuaintean a' bhàird a' tighinn an uachdar lom dìreach. Tha cànan agus rannaigheachd cuideachd air an cleachdadh ann an dòigh a tha sgileil.


Ach dè na ceumannan air a bheil am bàrd a' bruidhinn: ceumannan a' bhoireannaich is i a' coiseachd seachad air? Ceumannan anns an dàimh a bha eatarra?


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Ceumannan

  • Sheòl thu
  • a-steach na mo rian mar reul
  • ù°ù
  • chun an speuradair -
  • gealach
  • a dh'fhoillsich grian air falach:
  • aoibhneas fiosrachaidh;
  • 's shìn mi mo làmhan chun a' gharaidh.
  • Cha do shìn mi mo làmhan gus do ghlacadh;
  • bha ùghdarras eile gan riaghladh,
  • bha iad air lapadh
  • ann an seirbheis chuairteil m' iunaibhears –
  • gun de dh'earbsa na saorsa
  • na sgaoileadh an car às a' char ud.

Ceumannan

Tha cumadh na bàrdachd air an duilleig uaireannan a' ciallachadh rud.


Carson a tha 'ù°ù' leis fhèin an seo? Airson cuideam a chur air, 's dòcha? Tha 'gealach' leis fhèin cuideachd.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .

Teacsa

Am bàrd ag aithris Soraidh

Dòmhnall MacAmhlaigh ag aithris an dàn, Soraidh.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Dòmhnall MacAmhlaigh

Air adhart gu

Beachdan

Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Ä¢¹½¶ÌÊÓÆµ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.