
Ann an 1955 rinn Dòmhnall MacAmhlaigh a sheirbheis nà iseanta anns A' Chabhlach Rìoghail. Dh'ionnsaich e Ruisis agus chuir e seachad 5 mìosan san Tuirc.
Thòisich e ag obair ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1958, an toiseach ann an Roinn na Beurla agus Linguistics agus an dèidh sin anns an Roinn Cheiltis. Às an sin, ghluais e gu Colaiste na Trianaid ann am Baile Atha Cliath agus gu Oilthigh Obar Dheathain. Ghabh e dreuchd Àrd-ollamh Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1996. Anns na bliadhnaichean sin rinn e obair sgoilearachd a thug cliù agus inbhe dha air feadh na dùthcha.
Chaidh Seòbhrach às a' Chloich, leabhar de na dà in aige, fhoillseachdh ann an 1967. Tha a bhà rdachd cuideachd air nochdadh ann an grunn irisean is leabhraichean, agus tha dùil ri leabhar ùr eile bho Acair a dh'aithghearr.
Ann an 1976, dheasaich e Nua Bhà rdachd Ghà idhlig, leabhar cudromach ann an litreachas Gà idhlig a tharraing còmhla airson a' chiad uair obair còignear de na bà ird as ainmeile a bhiodh a' sgrìobhadh san nòs ùr ann an Gà idhlig, e fhèin nam measg.
Bidh e fhathast a' sgrìobhadh agus tha e a' cur seachad ùine a' siubhal eadar Dùn Èideann agus a dhachaigh an Eilean Bheà rnaraigh. Tha e pòsta le dithis chloinne agus còignear oghaichean.
Carson as e Seòbhrach as a' Chlaich ainm an leabhar?
Cha robh mi anabarrach misneachail mu dheidhinn saoghal na Gà idhlig an uair sin, 's beagan na bu mhisneachail 's dòcha na tha mi an-diugh. Ach bha mi a' smaoineachadh gur dòcha gu robh dòighean ann air am fà sadh e, gun tigeadh fàs ann. Tha mi a' smaoineachadh gu robh mi air fàs rud beag na bu dòchasaiche nuair a chuir mi bhà rdachd sin an clò agus gur robh mi smaoineachadh gun tigeadh fà s. Tha dà n ann an sin air a bheil Mar Chuimhneachan air Mo Sheanmhair agus sin mar a tha an loidhne mu dheireadh a th' ann... agus 's ann às an sin a thà inig an t-ainm.
Air adhart gu
CuspaireanÄ¢¹½¶ÌÊÓÆµ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.