
Ann an 1955 rinn Dòmhnall MacAmhlaigh a sheirbheis nà iseanta anns A' Chabhlach Rìoghail. Dh'ionnsaich e Ruisis agus chuir e seachad 5 mìosan san Tuirc.
Thòisich e ag obair ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1958, an toiseach ann an Roinn na Beurla agus Linguistics agus an dèidh sin anns an Roinn Cheiltis. Às an sin, ghluais e gu Colaiste na Trianaid ann am Baile Atha Cliath agus gu Oilthigh Obar Dheathain. Ghabh e dreuchd Àrd-ollamh Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1996. Anns na bliadhnaichean sin rinn e obair sgoilearachd a thug cliù agus inbhe dha air feadh na dùthcha.
Chaidh Seòbhrach às a' Chloich, leabhar de na dà in aige, fhoillseachdh ann an 1967. Tha a bhà rdachd cuideachd air nochdadh ann an grunn irisean is leabhraichean, agus tha dùil ri leabhar ùr eile bho Acair a dh'aithghearr.
Ann an 1976, dheasaich e Nua Bhà rdachd Ghà idhlig, leabhar cudromach ann an litreachas Gà idhlig a tharraing còmhla airson a' chiad uair obair còignear de na bà ird as ainmeile a bhiodh a' sgrìobhadh san nòs ùr ann an Gà idhlig, e fhèin nam measg.
Bidh e fhathast a' sgrìobhadh agus tha e a' cur seachad ùine a' siubhal eadar Dùn Èideann agus a dhachaigh an Eilean Bheà rnaraigh. Tha e pòsta le dithis chloinne agus còignear oghaichean.
Dè tha am facal Beà rnaraigh a' ciallachadh?
Uill, 's e ainm Lochlannach a th' ann. Tha fuaimneachadh anns a' chà nan Lochlannach dìreach mar a tha e anns a' Ghà idhlig. Beà rnaraigh agus tha e a' ciallachadh, Beà rn. Tha sin a' ciallachadh mathan ach bhiodh e na ainm air daoine cuideachd no na fhar-ainm no na ainm air daoine agus an 'aigh' a th'aig an deireadh, sin 'aigh' no 'idh' anns a' chà nan Lochlannach - eilean a' bheirn no eilean a' mhathain. Bha Gà idheil ann nuair a bha na Lochlanaich ann agus thug na Gà idheil as dèidh à m nan Lochlannach no ann an à m nan Lochlannach, thug iad facal iasaid dhan a' chà nan Ghà idhlig. Tha iad a' toirt dòigh dhan an duine a th' anns an à ite a bhith a' comharrachadh an à ite, a' toirt map dha air an à ite mar gun chanadh tu.
Air adhart gu
CuspaireanÄ¢¹½¶ÌÊÓÆµ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.